Ar Dìleab – Mu ar deidhinnn

Fiosrachadh mun phròiseact

Tha am pròiseact Ar Dìleab na co-bhanntachas ùr eadar Roinn Foghlam agus Seirbheisean Chloinne Chomhairle nan Eilean Siar agus buidhnean saor-thoileach a tha a' rannsachadh, a' clàradh agus a' foillseachadh eachdraidh ionadail, dualchas agus cultar.  Tha an iomairt saor-thoileach air a stiùireadh le Urras Leabhraichean nan Eilean aig a bheil mar amas fiosrachadh a leudachadh mu eachdraidh eileanan Alba an co-theacs ri eachdraidh Ceilteach agus Lochlannach.  'S iad na prìomh bhuidhnean eile a tha cur ris an iomairt, Tasglann Aonghais MhicLeòid agus Hebridean Connections.

Tha na goireasan foghlaim seo airson sgoilearan anns an àrdsgoil.

Sgioba Ar Dìleab

Luchd Rannsachaidh

Anne NicLeòid, Tristan ap Rheinallt, Coinneach Mac a’ Ghobhainn, Anndra Dunn

Luchd Dealbhachaidh

Màrtainn MacLeòid, Ailig MacMhathain, Morag NicDhòmhnaill agus Alison NicIlleDhuinn.

Neach-leasachaidh

Màrtainn MacLeòid

Le taing gu

John Randall

Aonad Ioma-mheadhan

Tha an t-Aonad Ioma-mheadhan stèidhichte ann an Roinn Foghlam agus Seirbheisean Chloinne Chomhairle nan Eilean Siar.  Tha iad a' cruthachadh goireasan foghlaim do sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.